Gàidhlig Ìre 9 – Air-loidhne: 08 Iuchar 2025
Gàidhlig Ìre 9 – Air-loidhne
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh adhartach na Gàidhlig a tha air crìoch a chur air Ìrean 1–8 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo cùrsaichean co-ionann. Bidh an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson nan sgilean cànain aca a leasachadh.
Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd is litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh. Thèid oileanaich a bhrosnachadh gus an cuid sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
- SCQF 8
- CertHE An Cùrsa Adhartais
- Cùrsa Fhlòdaigearraidh
Lìbhrigeadh a’ Chùrsa
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean ann gach latha:
- Clas 1: 09.30 – 10.45
- Clas 2: 11.15 – 12.30
- Clas 3: 13.30 – 15.00
Thèid na clasaichean a lìbhrigeadh tro Zoom. Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.

