A’ Phìob Bheag Albannach le Fin Moore – Air an Làraich: 13 Iuchar 2026
Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Air an cùrsa seo, bidh Fin Moore a’ stiùireadh oileanach tro na ruitheaman is lùthan a bhios riatanach do dhannsa-ceum à Ceap Breatainn, is e ag obair leis a’ phìob bhig Albannaich sa ghleus A. Cuiridh cluicheadairean eòlas air na diofaran beaga a tha a’ fàgail an stòir-chiùil cho sònraichte, agus aig a’ cheart àm a’ cur eòlas air na traidiseanan coitcheann eadar Alba is Ceap Breatainn.
Bidh an cùrsa a’ togail air na ceanglaichean domhainn eadar Sabhal Mòr Ostaig agus cultar, cànan, ceòl is dannsa Cheap Breatainn. A’ leantainn air cùrsaichean goirid eile a bh’ air an stiùireadh le Mats Melin, Harvey Beaton agus Buddy MacMaster, tha sinn air leth toilichte gun lean prògram na bliadhna sa an dìleab seo leis a’ phìobaire chliùiteach, Fin Moore.
Bidh an cùrsa seo freagarrach do phìobairean aig ìre eadar-mheadhanach is adhartach, agus thèid a theagasg tro bhith èisteachd, le ceòl sgrìobhte ri fhaighinn às dèidh làimh. Feumaidh oileanaich na h-innealan-ciùil aca fhèin a thoirt leotha.
Mu Fin
’S e pìobaire gu smior a th’ ann am Fin, is e air cliù àrd a chosnadh ann an saoghal na pìobaireachd. Bidh e a’ seinn air a’ phìob mhòir, pìob nan Crìochan agus a’ phìob bhig Albannaich, agus bidh e a’ cluich cuide ri Dannsa, agus bha e na bhall bho thòisich e den chòmhlan phìobaireachd Seudan.
Cho math ri bhith gan cluich, bidh Fin a’ dèanamh phìoban cuide ri athair, Hamish. Tha e air còrr is 1000 pìob a dhèanamh a tha rin cluinntinn fad is farsaing air feadh an t-saoghail. Tha Fin air cliù a chosnadh mar oide brosnachail is misneachail agus e air teagasg ann an iomadh sgoil is bùth-obrach is greisean air mhuinntireas ann an Alba, san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga a Tuath.
Clàr-ama na Seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

