Strings ‘n’ Things le Adam Sutherland is Emma Tomlinson – Air an Làraich: 10 Lùnastal 2026
Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.
Nach tig thu nar cuideachd air a’ chùrsa Strings ‘n’ Things, ‘Sensational Summer String Orchestra’ a th’ air a chur ri chèile le Adam Sutherland is Emma Tomlinson.
Bidh Emma agus Adam a’ stiùireadh oileanaich gu h-ealanta tro dhòighean-cluiche shònraichte agus measgachadh de dh’fhuinn anns an nòs Albannach. Bidh pàirtean sìmplidh is èifeachdach ann, air an sgrìobhadh an dà chuid a bhith furasta rin cluich agus a bhith air leth drùidhteach. Tron t-seachdain, cuiridh oileanaich eòlas air tòrr dhòighean-cluiche a tha freagarrach airson cluich còmhla is ann am buidhnean mòra agus air dòighean eagrachaidh cuideachd.
Bidh seo fosgailte do chluicheadairean na fìdhle, na viola, na cello, is a’ bheus-dhùbailte aig ìrean eadar-mheadhanach no aig ìre adhartach, agus a tha eòlach air stoidhle ciùil sam bith.
Cuirear cuideam air plòigh is dibhearsan sa cheòl fad an t-siubhail, le rud beag Gàidhlig ann gach latha.
Clàr-ama na seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

