Yoga Duolingo air Zoom – Air-loidhne: 21 Faoilleadh 2027
Thèid an clas seo a theagasg eadar 08:00 ‘s 08:30 madainn Diardaoin (Còig Seachdainean).
Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo bidh sinn a’ dèanamh measgachadh eadar yoga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach , freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig le Duolingo.
Cuir ort aodach cofhurtail sùbailte, thoir dhiot do bhrògan is stocainnean agus cleachd mat yoga no brat ùrlair.
Ma tha tinneasan sam bith agad, dèan cinnteach gu bheil an dotair agad ag aontachadh gum biodh yoga math dhut.

