MEd Foghlam Gàidhlig – Seisean-lìn 2026
An e tidsear Gàidhlig a th’ annad, air neo tidsear le ùidh ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig?
Bidh seisean fiosrachaidh againn Diardaoin 12 Màrt 2026, 7f – 8f, far an cluinnear mun chùrsa MEd Foghlam Gàidhlig (fosgailte don dà chuid tidsearan bun-sgoile agus àrd-sgoile).
Cluinneamaid bho Stiùiriche a‘ Phrògraim Anna Thirkell agus bho thidsearan a tha nan oileanach an-dràsta air a’ chùrsa. Bheir seo beachd dhuibh air dè an obair a tha an lùib an MEd agus dè na buannachdan a tha ri fhaighinn.
’S e deagh chothrom a bhios an seo ceistean sam bith a chur air a’ phannal agus d’ inntinn a dhèanamh suas mun ath cheum. Bidh fàilte romhaibh uile.
Clàraich gu h-ìosal is gheibhear post-d le ceangal Zoom.

