Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail 2023
Tha Urras an Eilein agus Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt cuireadh dhuibh gu Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail Diardaoin 16 Samhain aig 7:30f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil, ACC, Sabhal Mòr Ostaig.
Thèid an òraid a thoirt seachad am-bliadhna le Iain Tormod MacLeòid. ‘S e cuspair na h-òraid: Coimhearsnachd Eileanach – Eilthireachd, Eileanachd agus lèirsinn dhen àm ri teachd. Bidh an òraid sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon dhan Bheurla.


Thèid tionndadh Gàidhlig den leabhar Catching The Light, Glacadh an t-Solais, fhoillseachadh às dèidh na h-òraid mar urram do Shir Iain Nobail. ‘S e cruinneachadh de dhàin a tha air am brosnachadh le deilbh Victoria Crowe a th’ anns an leabhar seo, agus chaidh na dàin eadar-theangachadh le Aonghas MacNeacail.
Chan eil cosgais ann airson an tachartas seo, agus bidh tì, cofaidh agus deochan ri fhaotainn às dèidh làimhe. Tha sinn gu mòr an dòchas gun tèid agad tighinn còmhla rinn. Nach cuir thu fios gu ma tha thu an dùil a bhith an làthair.