Skip to content

Dè a’ Ghàidhlig air “Session A9”?

BHO: 14 Giblean 2025
GU: 18 Giblean 2025
COSGAIS: £305
COSGAIS (OILEANAICH): £215
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
© Dale Smith
© Dale Smith

Dè a’ Ghàidhlig air “Session A9”?

FOSGLAIDH AN CÙRSA SEO AIRSON CLÀRADH AIR 10MH AN T-SULTAIN AIG 12f

‘S e cùrsa iongantach a th’ againn dhuibh cuide ri muinntir Session A9, le co-mheasgachadh de chlasaichean-fuinn le gach oide agus clasaichean-còmhlain fad an latha.

Bidh oide eadar-dhealaichte còmhla ribh anns a’ chlas-chòmhlain gach latha. Bidh an clas seo freagarrach airson an dà chuid feadhainn a tha a’ cluich com-pàirtich agus feadhainn eile a tha measail air còrachadh, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor ‘s a ghabhas. Fhad ‘s tha àitichean rim faighinn, faodaidh oileanaich gluasad eadar na clasaichean-fuinn agus clasaichean-còmhlain.

Thèid a h-uile duine còmhla ri Session A9 airson a’ chlas mu dheireadh feasgar Diluain, Dimàirt agus Diardaoin, agus thèid a h-uile nì a chur ri chèile airson a’ chinn-fìnid madainn Dihaoine.

Bidh an cùrsa seo freagarrach do cluicheadairean a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn, feadhainn a tha comasach ionnsachadh leis a’ chluais agus iadsan a tha nas cofhurtaile le ceòl sgrìobhte. Bidh sinn a’ tabhann meanbh-leasan Gàidhlig airson ceòladairean gach latha. Cuiridh sinn fàilte air diofar sheòrsaichean inneal-chùil, agus thèid ur cur ann an clasaichean freagarrach a rèir comais.

Bidh An Talla Mòr agus am bàr fosgailte gach oidhche airson seisean-ciùil agus le àitichean-suidhe a bharrachd anns a’ chùirt-lios.

Bidh àireamhan air an cuingealachd airson a’ chùrsa seo agus ‘s iad na ciad iarrtais a gheibh àite. Cha tèid d’ àite a gleidheadh gus an bi na cosgaisean pàighte.

‘S urrainnear fios mu chosgaisean àite-fuirich fhaighinn an seo.

Hup!

Session A9

‘S iad Session A9 (“Sàr Comhlan-Chùil na h-Alba”, “Nas tinne na Seumas MacGilleDhuinn”) Àdhamh Suthurlanach, Brian MacAilpein, Teàrlach MacKerron, Daibhidh “Chimp” Robastan, Gòrdan Gunnach, Caomhan MacEanraig agus Marc Cliamhainn.

Stèidhichte ann an 2001, fhuair a’ chiad chlàr aca “What Road?”, a tha làn obair ùr, iomadh mol, agus chuir sin air slighe mu chuairt iomad fèile ‘s cuirm-ciùil iad. Choisinn iad duais “An Comhlan Beò as Fhèarr” aig Na Trads 2012.

Bho 2003, tha iad air a bhith trang a’ cluich air feadh Alba agus eile, air àrd-ùrlaran aig mòran fhèilltean mòra lethid Glastonbury, Fèille-folk Cambridge agus Celtic Connections. Chomharraich iad Oidhche na Bliadhn’ Ùire 2008 ann an Talla Consairt Rìoghail Pheairt agus 2005 ann an Dùn Èideann. Tha iad glè eòlach air fèisean air feadh na Roinn Eòrpa.

‘S e sàr sgrìobhaichean-ciùil, rianadairean, riochdairean agus oidean a th’ ann am buill a’ chomhlain. Tha iad toilichte a bhith air ais agus a’ cluich còmhla agus ag obair air ceòl ùr. Thathar an dùil gun tig clàr ùr Seisean A9 a-mach anns a’ bhliadhn’ ùir.

Tha buill a’ chomhlain cuideachd rim faicinn ann an còmhlain ainmeil eile leithid Capercaillie, Treacherous Orchestra, The Nordic Bloc, Dean Owens Band, agus MBO, a bharrachd air na pròiseactan fa leth aca fhèin. Seo cothrom ùine a chur seachd còmhla ris an luchd-chiùil is iad a’ sìor fhàs nas trainge.

“powerhouse dynamism” – Lèirmheas Celtic Connections 2018

“A richness of sound that can verge on the symphonic … From reflective to mesmerising to downright barnstorming” – The Herald

“Fiercely bright and energetic contemporary instrumental music, with a full heart and a head for invention”. – Songlines

“Tighter than James Brown!” – The Proclaimers

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain: 9:30m gu 3f (deiseil tràth)
Dihaoine: 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578