Skip to content

Bogsa le Ady Harper agus Ridseard Mac a’ Ghobhainn

BHO: 13 Iuchar 2020
GU: 17 Iuchar 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
 

 

 

 

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

‘S e cùrsa 5 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Ady air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Ady mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Ady Harper Jnr do theaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Ady a’ cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a’ tàladh oileanaich às gach àird. Air a’ chùrsa ann an 2020, bidh sinn a’ cur fàilte air Ridseard Mac a’ Ghobhainn. ’S e ceòladair làn-tìde a th’ ann an Ridseard, fear à Inbhir Ùige aig a bheil Gàidhlig. Tha e air a bhith a’ teagasg ceòl fad 10 bliadhna, agus a’ cluiche air beulaibh an t-sluaigh fad còir is 20 bliadhna. Tha e na stiùiriche-ciùil aig na Wick Players agus bidh e a’ cluiche ann an iomadh còmhlan, ’The Ady Harper Band’ agus ’The North Coast Fiddlers’ nam measg. Tha e cuideachd na oide aig Fèis air an Oir, Fèis Rois, Fèis Ghallaibh, agus Fèis Chataibh, cho math ri bhith a’ stiùireadh a’ chòmhlain òig, ‘Na Caileagan’.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris an dithis aca ann an 2020!

Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a’ chùrsa, a chluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste Oidhche Ardaoin agus ged a bhiodh dragh air cuid, bidh Ady a’ dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa.

Seach gum bi an cùrsa seo a’ tachairt aig a’ cheart àm ris a’ chùrsa Bhogsa-putain, cuide ri Fergie Dòmhnallach, bidh cothroman am pailteas a chluich còmhla ri luchd a’ bhogsa eile, agus gu dearbh fhèin cothrom èisteachd ri triùir dhen luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba air an àrd-ùrlar air oidhche shònraichte de cheòl rè seachdain a’ chùrsa.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578