Skip to content

Am Bogsa

BHO: 18 Iuchar 2016
GU: 22 Iuchar 2016
COSGAIS: £240
COSGAIS (OILEANAICH): £170
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

‘S e cùrsa 5 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Ady air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Ady mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Ady Harper Jnr. ri teaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Ady a’ cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a’ tàladh oileanaich às gach àird. Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a’ chùrsa, airson cluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste Oidhche Ardaoin agus ged a bhiodh dragh aig cuid, bidh Ady a’ dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa.

A chionn ‘s gu bheil an cùrsa seo agus an cùrsa air a’ Bhogsa Phutan cuide ri Fergie Dòmhnallach agus Raibeart Nairn a’ dol aig an aon àm, bidh cothroman gu leòr ann airson cluich cuide ri luchd-ciùil eile agus gu dearbh airson èisteachd ri triùir dhe na cluicheadairean as fheàrr air a’ bhogsa-chiùil ann an Alba fad seachdain a’ chùrsa.

 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578