Skip to content

Clas Còmhraidh Adhartaich Air Loidhne

BHO: 01 Iuchar 2020
GU: 01 Iuchar 2020
COSGAIS: £40
COSGAIS (OILEANAICH): £35
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
 
 

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh**

**Ruithidh an cùrsa seo Diciadain 1/7 a-mhàin, tharais air trì clasaichean air Zoom aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00.  Cha bhi ach ceathrar sa chlas.
 

Chaidh an cùrsa seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas.  Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canàda, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt.  Bhiodh sibh air Ailig a chluinntinn air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a’ lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF

  • An Cùrsa Adhartais     
  • Ìre 8, Ìre 9 is Ìre 10 nan Cùrsaichean Goirid   
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil sibh cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt oirbhse, na biodh leisg oirbh idir post-d a chur thugainn.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578