Skip to content

Cùrsa Inntrigidh Ainm-eòlas

BHO: 29 Iuchar 2020
GU: 29 Iuchar 2020
COSGAIS: £35
COSGAIS (OILEANAICH): £35
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Logo

 

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh againn.**

Bidh an cùrsa aon-latha seo air a theagasg air-loidhne sa Bheurla thairis air trì clasaichean aig 9.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 agus 13.30 – 15.00. Chan fheumar eòlas sam bith air Gàidhlig no cànanachas.  Bidh 12 àitichean ri fhaighinn. Tha e a’ tabhann cothrom gus ionnsachadh mun dàimh eadar cànan agus àite, cultar agus cruth-tìre.

Tha an cùrsa air aoigheachd aig Ainmean-àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba, leis an rannsaiche an Dr Jacob King mar phrìomh oide, le taic bho Eilidh Sgaimeal, Manaidsear Pròiseict AÀA.

Chòrdadh an cùrsa ri neach sam bith le ùidh ann an cruth-tìre, cànan agus an àrainneachd, agus gu  h-àraid an dàimh eadar daoine agus àite.

Bidh na cuspairean a’ gabhail a-steach:

  • Diofar chànanan na h-Alba agus a’ bhuaidh a th’ aca air ainmean-àite
  • Na prìomh eileamaidean ainm-àite Gàidhlig, agus mar a tha iad a’ nochdadh sa chruth-tìre
  • Fuaimneachadh bunaiteach na Gàidhlig
  • Mar a bhios ainmean-àite ag obrachadh bho shealladh cànanachais

Anns a’ chiad seisean, bidh ro-ràdh ann mu chànanan na h-Alba mar a chithear ann an ainmean-àite, a’ coimhead air Lochlannais, Cruithnis/Breatanais, Beurla/Albais, agus Gàidhlig. Bidh sinn a’ coimhead gu sònraichte air eisimpleirean Gàidhlig agus a’ beachdachadh air mar a bhios ainmean-àite air feadh an t-saoghail ag obrachadh a thaobh cànanachais.

Anns an dàrna agus san treas seisean, bidh am fòcas air ainmean-àite Gàidhlig, a’ coimhead air feartan na cruth-tìre, leithid cnuic agus beanntan, aibhnichean, agus tuineachaidhean daonna. Bidh cothrom ann obrachadh ann am buidhnean beaga, gus sùil nas dlùithe a thoirt air eisimpleirean sònraichte. Cluinnidh sinn sgeulachdan mu na bha na h-ainmean a’ ciallachadh do na daoine a bha a’ fuireach anns na h-àiteachan, agus mar a bhios ainmean-àite ag atharrachadh rè ùine.

Beath-eachdraidh:

’S e an Dr Jacob King an rannsaiche pròiseict aig Ainmean-Àite na h-Alba, an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson cruthan Gàidhlig cearta is cunbhalach a stèidheachadh airson ainmean-àite gus an tèid an cleachdadh air mapaichean, soidhnichean agus san fharsaingeachd. Is e a phrìomh dhreuchd rannsachadh acadaimigeach a dhèanamh gus na h-amasan seo a choileanadh.

Tha Eilidh Sgaimeal na ceumnaiche dhen BA (Urr) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, agus is i Manaidsear Pròiseict Ainmean-Àite na h-Alba.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho www.ainmean-aite.scot.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578