Skip to content

Dealbhachadh Didseatach le Cailean MacGilleathainn

BHO: 14 Lùnastal 2017
GU: 18 Lùnastal 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

   

 

***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.***

 

Tha an cùrsa seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an dealbhachadh agus deagh eòlas air obair le camera. ‘S e measgachadh de dh’ òraidean, taisbeanaidhean, còmhraidhean agus cuairtean a-mach air an tuath far am faicear deagh sheallaidhean  a tha anns a’ chùrsa. Tha toradh obrach bhon chùrsa ga thaisbeanadh le taghadh de na dealbhan ann an Àrainn Chaluim Chille aig deireadh na seachdain.

Tha an cùrsa a’ toirt sùil air eachdraidh dealbhadaireachd air a’ Ghàidhealtachd, prìomh-thùsan a’ chuspair, a bharrachd air mar a tha dealbhan gan làimhseachadh ann an dòigh digiteach. Gheibh sibh cothrom air ionnsachadh na ni sibh le camera agus mar a chuidicheas sin le dealbhan sònraichte tharraing ann an solas de gach seòrsa.

Tha feum agaibh air camara a thoirt leibh chun a’ chùrsa agus bhiodh e iomchaidh coimpiutair uchd le bathar bog freagarrach a thoirt leibh cuideachd. Na gabhaibh dragh mur a h-eil Coimpiutair uchd agaibh, tha uidheaman freagarrach aig a’ Cholaiste fhèin.  ‘S ann tro’ mheadhan na Beurla a tha an cùrsa seo ga libhrigeadh, gus am bith e freagarrach don a h-uile duine.

Bu chòir dhuibh an camara agaibh fhèin a thoirt leibh.

Tha Gàidhlig fhileanta agus eòlas farsaing ann an dealbhadaireachd aig Cailean agus deagh eòlas air ainmean-àite, monaidhean agus sgeulachdan ionadail ‘s mar sin thig Gàidhlig a’ staigh dhan chùrsa ann an iomadach suidheachadh le cothrom faclan agus abairtean a thogail ‘s a chleachdadh.

Tha tuilleadh fios ri fhaighinn air obair Chailein an seo.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578