Ag ionnsachadh a’ Bhogsa Phiàna, le John Somerville
BHO: 08 Giblean 2019GU: 12 Giblean 2019
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
|
|
Tha Sabhal Mòr Ostaig gu math toilichte gum bi an neach-ciùil tàlantach John Somerville an sàs ann am prògram nan Cùrsaichean Goirid am bliadhna le cùrsa gu tùr ùr – “Ag ionnsachadh a’ Bhogsa Phiàna”. Tha an cùrsa seo freagarrach do luchd‑ionnsachaidh ùr airson eòlas air dòighean-chluiche bunasach na h‑ionnsramaid a thogail ann an dòigh spòrsail.
Ged a bhiodh an t-oileanach aig fìor-thoiseach a chuid ionnsachaidh no fiù ‘s le beagan eòlais mar-thà, bidh John a’ roinn an teagaisg na phìosan beaga, a leithid cleachdadh na làimhe clì, na làimhe deise, agus nam builg-shèididh. Tha an cùrsa seo air a dhèanamh gus am bi e freagarrach do daoine a tha cleachdte ri ceòl a leughadh no daoine a bhios ga ionnsachadh tro èisteachd, agus bithear a’ coimhead air ceòl a tha furasta ‘s simplidh airson misneachd a thogail. Bidh cothrom ann aig a h-uile oileanach mar chòmhlan fuinn ‘s sgilean ùra a shealltainn aig a’ chèilidh neo-fhoirmeil oidhche Ardaoin.
Cha bhi ach 7 àitichean ri fhaighinn air a’ chùrsa seo agus thathar an dùil gun toir a h-uile oileanach an ionnsramaid aca fhèin leotha.
Tha John Somerville, cluicheadair bogsa-piàna à taobh Loch Nis, am measg an luchd‑ciùil as beòthaile ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba. Tha e air cliù a chosnadh mar duine a tha a’ putadh crìochan ciùil thraidiseanta ach aig a’ cheart àm a tha a’ cumail ri a fhreumhan dùthchasach. Tha ceòl à iomadh ceàrnaidh air buaidh a thoirt air, eadar a’ Ghàidhealtachd agus an Taobh Siar, bho Phìobaireachd agus ceòl nan Crìochan. A-nis tha e na bhall den chòmhlan “Treacherous Orchestra“, “Cask Strength Cèilidh Band“, agus bidh e a’ cluich còmhla ris an fhìdhlear chliùiteach, Adam Sutherland. Tha an t-eòlas a th’ aig John mar neach-ciùil air cothrom a thoirt dha obrachadh còmhla ri luchd-ciùil ainmeil a leithid David Byrne, “Salsa Celtica“, “Franz Ferdinand“, “Session A9“, “Babelfish” agus “Croft no Five”.
Tha John a’ fuireach ann an Glaschu a-nis, agus tha fèill mhòr air mar neach‑teagaisg, cluicheadair, agus sgrìobhadair-ciùil. Tha e an sàs le mòran ionadan foghlaim a leithid Conservatoire Rìoghail na h-Alba, Fèisean nan Gàidheal, Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Falkirk Traditional Music Project, agus Celtic Connections. Chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta duais “Oide na Bliadhna” aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta MG Alba ann an 2016, agus tha am pìos-ciùil as ùire aige “The Voyage of Hector” (a chaidh a sgrìobhadh airson Fèis Ròis) air a bhith ga chluich le còrr math ‘s còig ceud deugair ‘s inbheach ann an Alba, Sasann, Astràilia agus Ceap Breatainn, Canada.
Thèid an cùrsa seo a theagasg tro mheadhan na Beurla.