Bogsa-Putain le Robert Nairn & Fergie MacDonald
BHO: 17 Iuchar 2017GU: 17 Iuchar 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
![]() |
**Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis. Faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.**
‘S e seo an t-seachdamh bhliadhna a tha Sabhal Mòr Ostaig air fàilte bhlàth a chur air Raibeart Nairn is Fergie Dòmhnallach air a’ chùrsa air leth seo. ‘S ann à Muideart a tha Raibeart is Fergie agus tha an dithis aca air sàr chliù a chosnadh ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba.
Anns a’ chùrsa 5 làithean seo, gheibh thu cothrom air fuinn is sgilean ionnsachadh le Raibeart agus teagasg is comhairle a bharrachd air iomadh stoidhle cluiche, gu h-àraid dòigh-chluich nan Garbh-chrìochan cuide ri Fergie fhèin. Bidh cothrom ann air teagasg aghaidh-ri-aghaidh cuide ri Fergie fhaighinn cuideachd.
Chaidh Raibeart a thogail ann am Mùideart is e ag èisteachd ri Fergie air a’ bhogsa bho aois glè òg agus fhuair e teagasg air a’ bhogsa-phiana leis an neach-ciùil ainmeil, Dougie Mac an t-Sealgair, à Loch Abar. An uair sin, chaidh a theagasg le Calum (Malky) Rothach às a’ chòmhlan, Meantime, agus dh’fhàs e glè mheasail air a’ bhogsa-phutan, an t-inneal-ciùil as fheàrr leis a-nis. Bidh Raibeart a’ cluiche cuide ri iomadh còmhlan-ciùil is tha còmhlan aige fhèin a-nis agus tha e ri chluinntinn aig bainnsean, ann an taighean-òsta, taighean-seinnse is cèilidhean air feadh na h-Alba is thall thairis agus tha e air nochdadh air iomadh prògram telebhisein agus air a’ phrògram ainmeil air BBC Radio na h-Alba, “Take the Floor”, cuide ri Robbie Shepherd.
Chan eil duine ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba cho ainmeil ri Fergie Dòmhnallach agus tha e air brosnachadh nach beag a thoirt do dh’iomadh ginealach a luchd-ciùil ann an Loch Abar, air a’ Ghàidhealtachd agus nas fhaide air falbh, o chionn iomadh bliadhna. ‘S e a liut air a’ bhogsa a dh’adhbharaich a shoirbheachadh maireannach ann an saoghal a’ chiùil agus an clàr aig a choisinn àite aig àireamh a h-aon ann sna ‘charts’ an linn The Beatles. ‘S e fear tàlantach dha-rìreabh a th’ ann am Fergie agus a tha anabarrach math air sgeulachdan aithris, mar sin ‘s e cothrom air leth a tha seo air teagasg fhaighinn bho neach-ciùil cliùiteach a bha thall ‘s a chunnaic!