Skip to content

Gàidhlig Ìre 1: Air an Làraich – 3 den Ghiblean 2023

BHO: 03 Giblean 2023
GU: 07 Giblean 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 1 – Air an Làraich

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh gun Ghàidhlig sam bith – m.e. daoine aig NACH EIL eòlas ionnsachaidh a-cheana, a leithid Duolingo no clasaichean ionadail*. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • àireamhan ann an structaran eadar-dhealaichte;
  • mar a bhios tu a’ bruidhinn ri daoine, agus a’ faighinn a-mach cò às a tha iad;
  • mar a bhios tu ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan;
  • agus mar a bhios tu a’ bruidhinn air sealbh.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

*Ma tha eòlas ionnsachaidh Gàidhlig agad mar-thà, math dh’fhaodte gum biodh ìre nas àirde na bu fhreagarraiche dhut.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 1–3)
SCQF 4 SQA Ìre Choitcheann: Bunaiteach