Skip to content

Gàidhlig Ìre 6 – air an Làraich 11 den Ghiblean 2022

BHO: 10 Giblean 2023
GU: 14 Giblean 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 6 – air an Làraich

**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do Luchd-eadar-mheadhanach aig ìre nas àirde aig a bheil tuigse air a’ chànain is comas còmhradh a chumail ann an doimhneachd le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach.  San ìre seo, cuirear eòlas air structairean san tràth caithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach, structairean a tha a’ sealltainn sealbh, structairean a’ cleachdadh àireamhan mionaideach agus an tuiseal ginideach le ainmearan-iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

**Cha bhith mòran seòmraichean-cadail ri fhaighinn an t-seachdainsa.  Mholamaid gun clàr sibh gu math sgiobailta, agus ma tha sibh a’ tighinn còmhla ri caraid, nach beachdaich sibh air seòmar do dhithis.**

 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (11-12)
SCQF 6 SQA Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)

/*
*/