Skip to content

Gàidhlig Ìre 8 – Air an Làraich: 08 Giblean 2024

BHO: 08 Giblean 2024
GU: 12 Giblean 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh.**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas làidir air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. B’ e amasan na h-ìre seo:

  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a’ chleachdadh;
  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a’ chleachdadh;
  • leasachadh a dhèanamh air comas nan oileanach gus structaran ‘nam/nad’ a’ chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
  • briathrachas ùr a’ chleachdadh a chuireas ris na structaran air a bheil eòlas aig an oileanach mar-thà.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Adhartais: Modal 2
Cùrsaichean Ceuma Sabhal Mòr Ostaig: Bliadhna 1
SCQF 7 – SQA Àrd-ìre Adhartach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain: 9:30m gu 3f (deiseil tràth)
Dihaoine: 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578