Skip to content

‘Ceann Goirt is Aithreachas’- Òrain agus Seanachas air Aoigheachd agus Fleadhachas nan Gàidheal

BHO: 11 Lùnastal 2014
GU: 15 Lùnastal 2014
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

An-uiridh, mar phàirt de cheann-bliadhna na Colaiste, bha sinn toilichte cùrsa-goirid ùr a thabhann leis an t-seinneadair Ghàidhlig chliùiteach, Maighread Stiùbhart. Leis cho soirbheachail ‘s a bha e, tha sinn toilichte a bhith tabhann an iar-sgrùdaidh dhuibh ‘Ceann Goirt is Aithreachas’- Òrain agus Seanachas air Aoigheachd agus Fleadhachas nan Gàidheal, mar phàirt den t-streath chùrsaichean-goirid airson 2014.

Anns a’ chùrsa còig-latha seo, bidh Maighread ri toirt sùil air cuid de na h-òrain agus na cleachdaidhean co-cheangailte ri aoigheachd agus fleadhachas nan Gàidheal, bho òrain mholaidh air uisge-beatha, fìon, sinèabhar, agus branndaidh;  moladh air aoigheachd, òrain àbhachdach air bainnsean, bothain-dubha agus fiù òrain air stuamachd agus aithreachas. Bidh i toirt a-steach òrain bho linn nam bàrd ainmeil aig Clann MhicMhuirich suas gu òrain a chaidh a dhèanamh san fhicheadamh linn.

Tha ‘n cùrsa oideachail, tlachdail seo freagarrach do gach ìre de luchd-labhairt na Gàidhlig, bho fhileantaich gu luchd-ionnsachaidh.  Gheibh fileantaich, agus gu h-àraidh iadsan a tha ‘n sàs ann a bhith seinn air àrd-ùrlar, cothrom air oideachadh ann an altan-seinn agus aig an aon àm a’ cur ris an stòras a th’aca de dh’òrain.  Gheibh luchd-ionnsachaidh cothrom air a bhith ‘m bogadh ann an dualchas maireannach, oideachadh làtheil bho sàr-eòlaiche air òrain Ghàidhlig, leasachadh air sgilean fuaimneachaidh agus meudachadh air an cuid briathrachas Gàidhlig.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom agaibh tadhal air taigh-staile Thalaisgeir; an aon taigh-staile anns an Eilean Sgitheanach, agus gheibh sibh fiosrachadh  mu dheidhinn mar a chaidh a stèidheachadh ann an 1830 le Ùisdean agus Coinneach MacAsgaill agus mar a bha uisge-beatha ga dhèanamh tro na linntean. Gheibh sibh cuideachd cothrom air beagan den uisge-beatha seo a bhlasadh (dìreach airson fiosrachadh acadaimigeach, mar a thuigeas sibh!).

 

Mu Mhaighread

Rugadh agus thogadh Maighread Stiùbhart ann am baile Chuil Uaraich, ann an Eilean Leòdhais, far an robh i air a cuairteachadh le cultar agus cànan nan Gàidheal bho h-òige. Ghluais seo ùidh dhith ann an òrain Ghàidhlig, agus ann an 1993 choisinn i duais chliùiteach a’ Bhuinn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta; ‘s bhon uair sin tha a cliù mar sheinneadair air sìor-dhol am meud.

Tha fèill mhòr air Maighread cuideachd mar òraidiche agus neach-teagaisg òrain, eachdraidh agus altan-seinn. Tha iomadach seinneadair, sean agus òg, a’ faighinn buannachd às na clasaichean aice, biodh iad sin gu prìobhaideach neo aig leithid Ceòlas ann an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn, An Conservatoire Rìoghail agus an seo aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas a chur gu feum air pròiseact ‘Tobar an Dualchais’, far an robh i am measg nan eòlaichean a bha an urra ris an stuth ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, tasglann Fear Chanaidh agus cuid den stuth aig a’ BhBC a dheasachadh airson a chur air an eadar-lìon.   http://www.tobarandualchais.com

Tha i cuideachd air mòran a dhèanamh ann an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i còmhla ris a’ phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).

Choisinn Maighread an tiotal “Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna” ann an 2008, agus ann an 2012 chaidh a fastadh mar Neach-Ciùil air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, far an robh i a’ rannsachadh òrain Ghàidhlig co-cheangailte ri Cogadh agus Còmhstri. Airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn air Maighread Stiùbhart, faodaidh sibh bruthadh air seo agus airson an guth àlainn aice a chluinntinn, faodaidh sibh putadh air a cheangal seo.  http://www.margaretstewart.com

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578