Skip to content

Clasaichean Oidhche Còmhraidh Air-loidhne le Catrìona Nic an t-Saoir – Ìre Adhartach / Fileanta

BHO: 13 Faoilleach 2023
GU: 17 Gearran 2023
COSGAIS: £90
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Dealbh Catrìona Nic an t-Saoir**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh.**

Thèid na clasaichean oidhche còmhraidh seo a theagasg air-loidhne gach oidhche Haoine eadar 19:00 agus 20:30 bho 13 Faoilleach 2023 gu 17 Gearran 2023 (6 seachdainean).

Tha na clasaichean oidhche air-loidhne seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach. Le cothrom beachdachadh air diofar chuspairean gach seachdain, bheir na sia clasaichean seo cothrom dhut do bhriathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthasan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an conaltradh. Chan eil ach 12 àitichean ri fhaighinn air a’ chùrsa seo gus am bi deagh chothrom ann do chuid Ghàidhlig a chleachdadh le bhith a’ bruidhinn mu chuspairean làitheil.

Mu Chatrìona

A’ teagasg air Zoom bhon dachaigh aice ann an Uibhist a Deas, ‘s e oide Ghàidhlig gu math comasach a th’ ann an Catrìona Nic an t-Saoir. Chaidh a h-obair fad beatha airson na Gàidhlig a chomharrachadh nuair a chaidh a h-ainmeachadh mar bhall dhen Scottish Traditional Music Hall of Fame. Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur oirre a-rithist.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578