Clasaichean Còmhraidh Air-loidhne le Pàdruig Moireach – Eadar-meadhanach, Geamhradh 2022/23
BHO: 11 Faoilleach 2023GU: 15 Gearran 2023
COSGAIS: £90
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Tha an cùrsa seo làn a-nis. Faighnichibh mun liosta-feitheimh.
Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Chiadain eadar 18:30 agus 20:00 bho 11/01/23 gu 15/02/23 (6 seachdainean).
Tha na clasaichean oidhche air-loidhne seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do dh’oileanaich. Le beachdachadh air diofar cuspair gach seachdain, bheir na sia clasaichean seo seachad cothrom dhuibh do bhriathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthasan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an còmhradh ri chèile. Bidh deagh cothrom ann cànan a dheasbad agus a chleachdadh le bruidhinn mu chuspairean làitheil.
Mu Phàdruig
Rugadh Pàdruig ann an Càrlabhagh ann an Leòdhas agus tha e air a bhith a’ teagasg Gàidhlig aig diofar cholaistean agus oilthighean thar nam bliadhnaichean. Tha e air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig airson greis mhòr a-nis, gu sònraichte air na cùrsaichean goirid agus cùrsaichean air astar.