Cùrsa Còmhraidh Air Loidhne le Muriel Fisher (Eadar-mheadhanach ìosal) 3 an Lùnastal

BHO: August 3, 2021
GU: August 3, 2021
COSGAIS: £40
COSGAIS (OILEANAICH): £35
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Cùrsa Còmhraidh Air Loidhne le Muriel Fisher (Eadar-mheadhanach ìosal) – air Loidhne

Tha an cùrsa àraid seo na bhrosnachadh do luchd-eadar-mheadhanach a tha airson na sgilean labhairt aca a leasachadh. Gheibh thu ionnsachadh tlachdmhor is nàdarra air a’ Ghàidhlig às an dòigh teagaisg spòrsail is aotrom aig Muriel.

Ruithidh an cùrsa seo Dimàirt a-mhàin, 16:00 – 19:00.

Tron latha bidh measgachadh de chothroman còmhraidh san t-seòmar clas, far am bithear ag ionnsachadh briathrachas ùr.  Anns na còmhraidhean, gheibhear cothrom a dhol thairis air a’ bhriathrachas ùr is a bhith ga chleachdadh ann an stoidhlichean còmhraidh eadar-dhealaichte. Bithear a’ bruidhinn air cuspairean a leithid nàdar, eachdraidh, rudan sòisealta is eile.  Tha an cùrsa seo ag amas air stòras de dh’fhaclan is abairtean ùra a chruinneachadh a bheir misneachd do dh’oileanaich gus còmhraidhean nas doimhne a chumail.

Tha an cùrsa àraid seo na bhrosnachadh do luchd-eadar-mheadhanach a tha airson na sgilean labhairt aca a leasachadh. Tha an cùrsa fo stiùir Muriel Fisher, a bhuineas don Eilean is a chaidh a thogail le Gàidhlig – tha i air a bhith a’ teagasg Gàidhlig ann an Ionad Gàidhlig Tucson, Oilthigh Arizona, Sabhal Mòr Ostaig is air feadh an t-saoghail fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an Duais “Excellence in Community Linguistics”, a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson “her outstanding work with the teaching, promotion and documentation of Scottish Gaelic.”

Beachdan oileanaich bho an-uiridh:

 

                       “Muriel was a great teacher and very supportive of students at different stages of learning”

                                “Muriel is fantastic, makes everything very memorable!”

                                       “Excellent teacher!”

 

Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir don luchd-com-pàirtiche crìoch a chur air ìrean 3, 4, no 5 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo cùrsaichean co-ionnan, is a bhith comasach air còmhradh mionaideach a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF            
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2-3 (8-12)
SCQF 5-6 SQA Ìre Choitcheann: Creideas & Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)