Skip to content

Cùrsa Còmhraidh le Joy Dunlop

BHO: 09 Giblean 2018
GU: 13 Giblean 2018
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
www.joydunlop.com

***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh againn.***

 

Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chur ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach adhartach  aig a bheil beagan tuigse air Gàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh ‘s a bhiodh iad ag iarraidh. Tha an dòigh-teagaisg aig Joy dealasach is spòrsail agus fàgaidh sin daoine nas comhfhurtail agus nas fhosgailte airson ionnsachadh gu nàdarra agus thèid òrain, rannan, geamannan agus dòighean teagaisg eile a chleachdadh gus còmhradh a bhrosnachadh.

Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine le bhith a’ coimhead air is a’ ceartachadh mearachdan ghràmar agus taic a thaobh fuaimneachadh.  Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd.   Bu chòir gun cuidich sin le bhith a’ còmhradh ann an dòigh a tha nàdarra is fileanta.

‘S ann as a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal a tha Joy Dunlop, a tha na dheagh neach-teagaisg, craoladair agus dannsair.  Tha i a’ teagasg ann an Oilthigh Ghlaschu agus tha i cuideachd na neach-teagaisg air na Cùrsaichean air Astar agus Air-Loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais. ‘S e seinneadair cliùiteach a tha ann an Joy agus i air Bonn Òir a chosnadh aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2010, agus bidh i tric a’ bruidhinn air Radio nan Gàidheal.

Airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh’oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO aig ìrean 5 & 6 a dhèanamh, no ìre cho-ionnan ann an àite eile, agus comas còmhraidh meadhanach math aca.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578