Skip to content

Cùrsa Sgilean Fuaimneachaidh

BHO: 03 Lùnastal 2020
GU: 07 Lùnastal 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Chaidh an cùrsa seo a chruthach do dh’oileanaich a tha adhartach sa Chànain ach a tha feumach air beagan de thaic a thaobh an cuid sgilean fuaimneachaidh – gus am bithear nas siùbhlaiche sna comasan labhairt aca. Tha an cùrsa seo iomchaidh do dhaoine a rinn na cùrsaichean cànain againn aig ìre 9 & 10 is cuideachd dhaibhsan a rinn Cùrsa Goirid ann am Flòdaigearraidh no fear a tha co-ionnan riutha seo.

Bidh an cùrsa fo stiùir Iain Urchardan a tha air a bhith a’ teagasg aig an t-Sabhal Mhòr fad bhliadhnaichean a-nis, a’ toirt chlasaichean do luchd-obrach agus do dh’oileanaich làn-ùine agus a’ toirt chothroman dhaibh còmhraidhean a thogail suas gu ìre na àirde.

’S ann às na Hearadh a tha Iain, agus a bharrachd air a bhith na thidsear is na mhinistear, ’s e neach-ealain, sgrìobhadair is craoladair a th’ ann. Cluinnidh sibh air Rèidio nan Gàidheal e, guth a’ phrògraim cliùitich airson luchd-ionnsachaidh, Beag Air Bheag.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578