Skip to content

Ensemble Ciùil Thraidiseanta le Innes Watson

BHO: 17 Lùnastal 2020
GU: 21 Lùnastal 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa goirid seo leis an sàr neach-ciùil Innes Watson a thabhainn a-rithist am bliadhna

Sa chùrsa seo, bidh Innes gad stiùireadh air an t-slighe eadar neach-ciùil fa leth agus ball còmhlain, is sinn ag ionnsachadh agus a’ teagasg le càch a chèile mu cheòl coitcheann traidiseanta na h-Alba air a bheil buaidh na h-Alba san latha an-diugh.

Tha fàilte ron a h-uile duine – às bith dè an aois a tha thu agus dè na comasan is ionnstramaidean a th’ agad – cuiridh sinn na th’ againn gu feum agus bithear a’ brosnachadh gach duine a thighinn a chluich còmhla agus gad ullachadh airson cothrom obrach le duine sam bith a thogras tu fhèin!

‘S e neach-ciùil cliùiteach ioma-ionnstramaid a th’ ann an Innes Watson à Glaschu, a tha air grunn duaisean a chosnadh agus a tha air a bhith an sàs fad còrr is deich bliadhna ann an cluich, clàradh, teagasg is riochdachadh ciùil cho-aimsireil agus thraidiseanta. Thogadh e ann an sgìre nan Crìochan, far an robh e air a chuairteachadh le taic cheòlmhor a bhrosnaich a chuid sgilean, chomasan, ùidh agus cliù a tha ga fhàgail mar neach-ciùil air a bheil meas agus fèill mhòr ann an saoghal a’ chiùil.

Bidh Innes cuideachd a’ teagasg aig a’ Chonservatoire Rìoghail (is e air ceum BA ann an Ceòl na h-Alba a thoirt a-mach ann an 2006, agus ann an chaidh an duais ‘Cluicheadair na Bliadhna’ a bhuileachadh air aig na Trads ann an 2011.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/