Skip to content

Fìdhlearachd is Viola le Patsy Reid

BHO: 09 Giblean 2018
GU: 13 Giblean 2018
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Picture of Patsy

www.patsyreid.com

 

Èist an seo!

’S ann à Siorrachd Pheairt a tha Patsy Reid is i na neach-ciùil, na neach-oide is na sgrìobhaiche-ciùil.

On a fhuair i a’ chiad chothrom aice air teagasg aig Campa Fìdhlearachd an Eilein Fhraoich air ais ann an 2002, tha fèill mhòr air a bhith oirre mar neach-oide.

Aithnichte airson a bhith a’ cur beum mòr air dòighean-cluiche teicnigeach, bidh Patsy a’ ceangal an eòlais a tha i air a chàrnadh mar fhìdhlear thrang is an t-ionnsachadh clasaigeach a fhuair i gus oideachadh iomlan is prataigeach a thoirt seachad, ag amas orrasan a tha gu mòr airson an ceòl, an stoidhle is a’ mhisneachd aca a thoirt air aghaidh.

Thèid na com-pàirtichean an sàs anns na leanas:

  • A’ ceangal a’ bhogha is altachadh
  • Tònachd (Guth-cheòl)
  • Fileantachd stoidhleach
  • Ruitheam, taic-chiùil agus teòiridh-thaice

Thèid a h-uile sìon a tha seo gu h-àrd a lìbhrigeadh le bhith ag ionnsachadh cruinneachaidh de phuirt mhaiseach à Alba, a’ cleachdadh bhùithtean-obrach, a’ faighinn oideachaidh 1 ri 1, agus a’ dol an sàs ann an caochladh sheiseanan.

Bidh an cùrsa seo a’ freagairt orrasan a th’ aig ìre eadar-mheadhanach gu ìre adhartach. Thèid an ceòl a theagasg air chluais, bidh ceòl-sgrìobhte ri fhaighinn aig ceann na seachdain air neo mar a thèid iarraidh.

Chaidh Patsy oideachadh mar thidsear ionnsramaidean-teuda is tidsear-clas; am measg nan teisteanasan aice tha Ceum le Àrd-urram ann an Ceòl Gnìomhach, Dioplòma For-cheuma ann am Fìdhlearachd agus Teisteanas For-cheumach ann am Foghlam (Sònrachadh le ionnsramaidean-teuda), uileadh air an toirt a-mach aig Colaiste-chiùil a’ Chinn a Tuath.    

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/