Skip to content

Cùrsa Fìdhle le Duncan Chisholm

BHO: June 29, 2020
GU: July 3, 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

credit – https://www.duncanchisholm.com/press-assets/

 

 

 

 

 

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.**

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Tha sinn air leth toilichte gum bi Duncan Chisholm còmhla rinn a’ teagasg ann an 2020. Tha Duncan air aon de na fìdhlearan agus sgrìobhadairean ciùil as aithnichte ann an Alba. Rugadh agus thogadh Duncan faisg air Inbhir Nis agus tha e air a’ mhòr-chuid de a bheatha a chosg a’ cur ri a stoidhle ciùil àibheiseach.

‘S e seo fìdhlear agus fìdhlearachd cho math ‘s a tha ann, agus tha draoidheachd na chuid ciùil tron liut a th’ aig Duncan air an ionnsramaid is air an sgeadachadh, cho math ri a fhuaim fhìnealta fhèin.

Fhuair Duncan a chuid teagaisg aig Donald Riddell, agus chan eil a shamhla ann aig a bheil an sgil is an comas air na puirt Ghàidhealach. Tha Duncan air a bhith sa h-uile ceàrnaidh den t-saoghal, leis fhèin agus cuide ri luchd-ciùil agus còmhlanan eile. Bidh e a’ cluich còmhla ri Julie Fowlis gu tric agus còmhla ris a’ chòmhlan ainmeil Wolfstone.

Anns an t-seachdain seo, bidh Duncan a’ teagasg dòighean-obrach na fìdhle agus bidh e ag obair còmhla riut a’ leasachadh do chuid cluiche, sgeadachaidh agus stoidhle bogha air measgachadh de phuirt.

Bidh e a’ teagasg le ceòl sgrìobhte ach feumaidh gach neach-ciùil an ceòl ionnsachadh tron t-seachdain. Tha an cùrsa seo ag amas air cluicheadairean math aig ìrean eadar-mheadhanach àrd/adhartach.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu Duncan, bruthabh an seo

/*
*/