Ionnsachadh tro Chultar Beò (Ag Ionnsachadh Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh)
BHO: 13 Iuchar 2015GU: 17 Iuchar 2015
COSGAIS: £275.00
COSGAIS (OILEANAICH): £185.00
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a’ cur trì cùrsaichean air bhonn ann an 2015. Seo an còigeamh bliadhna dhe na cùrsaichean agus tha iad a’ còrdadh gu mòr ri daoine le còrr is 980 oileanaich air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach a-staigh.
Tha na cùrsaichean ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air no adhartach, (m.e. SMO ìre 6 no nas àirde). Chaidh an cùrsa seo a chur air chois airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ aig na h-ìrean seo a tha airson an sgilean labhairt is litreachais a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.
Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein. Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a’ toirt buaidh air a’ choimhearsnachd seo. Bidh bùithtean-obrach ann air sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus sgrùdadh air dualchainnt na sgìre. Bidh bùithtean obrach prataigeach ann cuideachd.
Tha sinn a’ moladh gum fuirich sibh ann an ostail Dùn Fhlòdaigearraidh, far am bi an cùrsa stèidhichte agus tha sin a’ toirt cothrom math measgachadh agus bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh eile. Ann an 2015, tha sinn an dùil gum bi cèilidh & dannsa againn ann an Talla Stafainn no Cille Mhoire aig deireadh a’ chùrsa oidhche Haoine far am bi barrachd dhaoine bhon choimhearsnachd.
Mar as àbhaist, tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dinnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain – Diardaoin.
Fios frithealaidh & Clàr-ama:
Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich an t-àite a ruigsinn feasgar na Sàbaid mus tòisich a’ chùrsa. Bidh fàilteachadh goirid neo-fhoirmeil feasgar na Sàbaid mu 19.00 le teatha is cofaidh is fiosrachadh bho mhuinntir na sgìre.
Ged a bhios an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 14.00 feasgar Dihaoine, tha sinn a’ moladh gum fuirich sibh airson cèilidh a’ chùrsa oidhche Haoine far am bi dannsa is cèol às an sgìre. Gu mì-fhortanach, aig an ìre sa, chan eil àite ann ach airson 15 oileanach air a’ chùrsa seo. Mar sin, ‘s iad na h-oileanaich a ghlèidheas àite an toiseach a gheibh àite air a’ chùrsa.
Àite-fuirich:
Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Òsdail Dhùn Fhlòdaigearraidh. Thathar ag iarraidh air oileanaich fuireach san ostail a tha glan sgiobalta airson dàimh làidir Gàidhlig a chruthachadh. Gheibhear ur cuid biadh an seo, air a dheasachadh le muinntir Fhlòdaigearraidh. Feumaidh sibh fios a chur gu Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca cuideachd: http://www.hostelflodigarry.co.uk/
A bharrachd air an ostail tha àiteachan leabaidh is bracaist is taigh-osta anns an sgìre.
Biadh:
Ged a bhios biadh ann gach feasgar bho mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson biadh sa mhadainn is aig àm-lòin. Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannach airson bracaist agus faodaidh sibh biadh fhaighinn san sgìre.
Aodach:
Thathar a’ moladh gu mòr gum bu chòir dha oileanaich bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde a thoirt leotha gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.
Eòlas ro làimh:
Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad. Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu:
Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 240 air neo post-d: cg.smo@uhi.ac.uk