Seachdainn Ionnsachaidh na Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh
BHO: 15 Iuchar 2013GU: 19 Iuchar 2013
COSGAIS: £200
COSGAIS (OILEANAICH): £150
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Ionnsachadh tro Chultar Beò, (Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh)
Cùrsa fad 5 làithean le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach litreachais sa chlas. Bidh an cùrsa seo a’ ruith trì tursan am bliadhna:
27 – 31 An Cèitean
15 – 19 An t-Iuchar
26 – 30 An Lùnasdal
Chaidh an cùrsa fad seachdain seo a chur air chois airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig ìre adhartach a tha airson an sgilean labhairt is litreachais a leasachadh cho math ri an cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh aig ìre adhartach a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.
A h-uile latha den chùrsa bidh turas ann an Tròndairnis, ann am Flòdaigearraidh, Stafainn is Cille Mhoire. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein. Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a’ toirt buaidh air a’ choimhearsnachd seo.
Bidh bùithtean-obrach ann air sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus sgrùdadh air dualchainnt na sgìre. Bidh bùithtean obrach prataigeach ann cuideachd.
Fad na seachdain gheibh na h-oileanaich cothrom tachairt ri cuid de na daoine còire is ealanta às an sgìre aig tè de na cèilidhean mì-fhoirmeil!
Eòlas ro làimh:
Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad.
Airson barrachd fios, cuir fòn no post-d gu:
Màrtainn air 01471 888 240 no
Alasdair air 01471 888 242
Post-d: cg.smo@uhi.ac.uk
Fios frithealaidh & Clàr-ama:
Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh mu 9.30m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich an t-àite a ruigsinn air Didòmhnaich mus tòisich a’ chùrsa. thig an cùrsa gu crìch aig 1530 feasgar Dihaoine. Nochdaidh clàr-ama an seo ann an ùine ghoirid. Cuir fios do neach-rianachd airson barrachd fios. Gu mì-fhortanach, aig an ìre sa, chan eil àite ann ach airson 12 oileanach mar sin ‘s iad na h-oileanaich a ghlèidheas àite an toiseach a gheibh àite air a’ chùrsa.
Àite-fuirich:
Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Òsdail Dhùn Fhlòdaigearraidh. Thathar ag iarraidh air oileanaich fuireach san òsdail a tha glan sgiobalta airson dàimh làidir Gàidhlig a chruthachadh. Gheibhear ur cuid biadh an seo, air a dheasachadh le muinntir Fhlòdaigearraidh. Feumar fios a chur gu Òsdail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212.
Seo an làrach-lìn aca www.hostelflodigarry.co.uk
Biadh:
Ged a bhios biadh ann cuid de na h-oidhcheannan bho Mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson còcaireachd neo biadh fhaighinn san sgìre. Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannachd airson bracaist.
Thèid fios ceart, slàn mu bhiadh a chur shuas an ceann beagan ùine.
Aodach:Thathar a’ moladh gum bu chòir dha oileanaich bòtannan is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde a thoirt leotha.
Cosgais: £200
(‘S e seo cosgais a’ chùrsa a-mhàin)