Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh
BHO: 20 Iuchar 2020GU: 24 Iuchar 2020
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £190
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
|
An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a’ cur dà chùrsa air dòigh ann an 2020. Tha na cùrsaichean seo a’ còrdadh gu mòr ri daoine le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach a-staigh.
Tha na cùrsaichean ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air no adhartach, (m.e. SMO ìre 6 no nas àirde) a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.
Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein. Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a’ toirt buaidh air a’ choimhearsnachd seo.
Thèid an cùrsa a chumail ann an Loidse na Cuith-raing, Stafainn no Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte na sgìre agus air cuid de na leanas air na feasgair; sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, sgrìobhadh sgeulachdan goirid. Bidh bùithtean-obrach practaigeach ann cuideadhd, far am bheil sin iomchaidh, agus thathar an dùil gum bidh ceilidh is ceòl ann am Flòdaigearraidh sna feasgair.
Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dìnnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain – Diardaoin.
Fios frithealaidh & Clàr-ama:
Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich an ostail a ruigsinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa. Bidh fàilteachadh goirid neo-fhoirmeil feasgar na Sàbaid airson 19.30 le teatha is cofaidh is fiosrachadh bho mhuinntir na sgìre. Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13.00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a’ chùrsa, is mar sin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!
Àite-fuirich:
Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh. Feumaidh sibh fios a chur gu Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca cuideachd: https://flodigarry-hostel.scot/ .
Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile:
|
01470 552225 |
|
01470 562388 |
|
01470 562328 |
|
01470 562306 |
|
01470 562434 |
|
01470 562242 |
Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:
|
01470 562388 (s/c flat) |
|
01470 552233 (s/c chalet) (Book through http://www.cottages.com) |
|
01470 562434 (s/c chalet) |
|
01470 552314 (shulistacroft@hotmail.co.uk) |
|
(Book through Sykes Holiday Cottages) |
|
01470 562213 http://www.staffincampsite.co.uk |
|
01470 552331 |
Biadh:
Ged a bhios biadh ann gach feasgar bho mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson biadh sa mhadainn is aig àm-lòin. Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannach airson bracaist agus faodaidh sibh biadh fhaighinn san sgìre.
Aodach:
Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.
Eòlas ro làimh:
Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad. Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 air neo post-d: cg.smo@uhi.ac.uk