Skip to content

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh

BHO: August 19, 2019
GU: August 23, 2019
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £190
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

 

 

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a’ cur dà chùrsa air dòigh ann an 2019.  Tha na cùrsaichean seo a’ còrdadh gu mòr ri daoine le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach a-staigh.

Tha na cùrsaichean ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air no adhartach, (m.e. SMO ìre 6 no nas àirde) a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruigsinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite.  Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann-a-tuath an Eilein.  Nì an cùrsa sgrùdadh air coimhearsnachd chroitearachd Ghàidhlig na sgìre sa, a dualchas is mar a tha i san latha an-diugh agus air cuid de na rudan a tha a’ toirt buaidh air a’ choimhearsnachd seo.

Thèid an cùrsa a chumail ann an Loidse na Cuith-raing, Stafainn no Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte na sgìre agus air cuid de na leanas air na feasgair; sgrìobhadh cruthachail, bàrdachd, sgrìobhadh sgeulachdan goirid. Bidh bùithtean-obrach practaigeach ann cuideadhd, far am bheil sin iomchaidh, agus thathar an dùil gum bidh ceilidh is ceòl ann am Flòdaigearraidh sna feasgair.

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dìnnear, air a dheasachadh le mnathan Fhlòdaigearraidh gach oidhche bho Dhiluain – Diardaoin.

Fios frithealaidh & Clàr-ama: 

Bidh an cùrsa seo a’ tòiseachaidh gu h-oifigeil le clàradh aig 10.00m Diluain ach thathar ag iarraidh air oileanaich an ostail a ruigsinn feasgar na Sàbaid mus tòisich an cùrsa.  Bidh fàilteachadh goirid neo-fhoirmeil feasgar na Sàbaid airson 19.30 le teatha is cofaidh is fiosrachadh bho mhuinntir na sgìre.  Bidh an cùrsa foirmeil a’ tighinn gu crìch mu 13.00 feasgar Dihaoine. Cha bhi ach corra àite ri fhaighinn air a’ chùrsa, is mar sin tha sinn a’ moladh gun glèidh sibh àite air a chùrsa an-dràsta!      

Àite-fuirich:

Tha àiteachan-fuirich ri fhaighinn ann an Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh.  Feumaidh sibh fios a chur gu Ostail Dhùn Fhlòdaigearraidh airson àite-fuirich a ghlèidheadh air 01470 552 212.  Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aca cuideachd: http://www.hostelflodigarry.co.uk/ .

Tha na taighean a leanas a’ tabhann Leabhaidh is Bracaist san sgìre ‘s tha Gàidhlig aca uile:

 

  • Margo MacPherson, 10 Flodigarry
01470 552225
  • Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg
01470 562388
  • Anne MacLeod, New House, Clachan
01470 562328
  • Marion Macleod, 8 Clachan  
01470 562306
  • Joanna MacLeod, 10 Clachan 
01470 562434
  • Donald & Morag Matheson, 11 Stenscholl   
01470 562242

Seo liosta de thaighean air màl airson seachdain san sgìre:

 

  • Donna MacDonald, Quiraing View, 5 Digg
01470 562388 (s/c flat)
  • Peggy Scott-Moncrieff, Seascape, Flodigarry
01470 552233 (s/c chalet) (Book through http://www.cottages.com)
  • Joanna MacLeod, 10 Clachan 
01470 562434 (s/c chalet)
  • Shulista Croft Wigwams, 3 North Duntulm  
01470 552314 (shulistacroft@hotmail.co.uk)
  • The Old Crofthouse, 22 Garafad IV51 9JX
(Book through Sykes Holiday Cottages)
  • Staffin Campsite, Grenicle, Staffin
01470 562213 http://www.staffincampsite.co.uk
  • Mr & Mrs Munro, 8 Hungladder, Kilmuir 

  01470 552331

 

Biadh:

Ged a bhios biadh ann gach feasgar bho mhuinntir Fhlòdaigearraidh, b’ fhiach e smaointinn air biadh a thoirt leibh cuideachd airson biadh sa mhadainn is aig àm-lòin.  Tha cidsin aig an ostail far am faodar còcaireachd a dhèanamh agus biadh a cheannach airson bracaist agus faodaidh sibh biadh fhaighinn san sgìre.

Aodach: 

Thathar a’ moladh gu mòr gun toir sibh bòtannan làidir is aodach blàth is freagarrach airson droch shìde gu h-àraid airson coiseachd a-muigh air cuairtean.

Eòlas ro làimh:

Chan fheum eòlas a bhith agad ro làimh ach feumaidh deagh thomhas de Ghàidhlig a bhith agad.  Airson barrachd fios, cuiribh fòn no post-d gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 air neo post-d: cg.smo@uhi.ac.uk

 

 

 

 

 

 

/*
*/