Skip to content

A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre

BHO: 17 Giblean 2017
GU: 21 Giblean 2017
COSGAIS: £300
COSGAIS (OILEANAICH): £200
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Am fear-teagaisg: Ruairidh MacIlleathain (Roddy Maclean)

***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis. Nach faighnich sibh mu dheidhinn an liosta-feitheimh againn***

Tha ainmean-àite Gàidhlig a’ còmhdachadh pàirt mhòr de dh’Alba. Tha an cùrsa seo ag amas air sgilean a thoirt do dhaoine a leigeas leotha ainmean dùthaich nan Gàidheal a thuigsinn dhaibh fhèin.

Bidh a’ chùrsa seo freagarrach dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa na h-àrainneachd agus ainmean-àite; gu sònraichte freagarrach do mhaoir-dhùthcha agus luchd-iùil nam beann ’s a’ bhlàir a-muigh. Cuirear fàilte cuideachd air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre. ’S i a’ Bheurla a bhios mar chànan oideachaidh anns a’ choitcheannas, agus an dà chànan air an cleachdadh air cuairtean a-muigh.

Feumaidh oileanaich a bhith comasach air coiseachd suas ri 5 mìle air ceum (le glè bheag de dhìreadh no teàrnadh).

Bidh leughadh agus tuigsinn mhapaichean OS aig cridhe a’ chùrsa, ach bidh eacarsaichean ann gach latha, agus cuairtean air meanbh-bhus airson coimhead air ainmean-àite ann an Slèite agus sna sgìrean mun cuairt. Bidh beagan coiseachd ann agus bidh aig oileanaich rin uidheamachadh fhèin gu ceart, leithid le brògan-coiseachd, aodach dìonach agus lìon-cinn airson nam meanbh-chuileag!

’S e am fear-naidheachd, sgrìobhadair, fear-teagaisg is craoladair Ruairidh MacIlleathain a bhios aig ceann a’ chùrsa. Tha Ruairidh air trì leabhranan a sgrìobhadh mu ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Tha e an sàs gu mòr le bhith a’ frithealadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus fileantachd a ruigsinn, agus le bhith a’ brosnachadh tuigse a bharrachd sa choimhearsnachd mu na ceanglaichean làidir eadar an cànan agus an àrainneachd.

Thathar a’ brosnachadh oileanaich gus na leanas a thoirt leotha:

  • Mapaichean OS (Landranger/Explorer) de na sgìrean as fheàrr leotha air a’ Ghàidhealtachd.
  • Faclair Gàidhlig gu Beurla. ’S e ‘Dwelly’ am fear as fheàrr.
  • Coimpiutar laptop le comas a dhol air an eadar-lìon.
  • Peann is pàipear.
  • ’S dòcha gum bi cuid ag iarraidh inneal-clàraidh a thoirt leotha airson clàran-claisneachd a dhèanamh de dh’ainmean-àite a bhios taiceil dhaibh nuair a thèid iad dhachaigh.
  • Aodach airson a’ bhlàir a-muigh.

Tha dùil gum bithear ag obair a-staigh sa mhadainn, agus a’ falbh a-mach gach feasgar (a rèir na h-aimsir). Bidh an cùrsa a’ tighinn gu ceann aig àm lòin Dihaoine.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/