Skip to content

A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre

BHO: 06 Giblean 2020
GU: 10 Giblean 2020
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £190
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

 

 

 

 

 

 

 

 

Am fear-teagaisg: Ruairidh MacIlleathain (Roddy Maclean)

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.**

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Tha ainmean-àite Gàidhlig a’ còmhdachadh pàirt mhòr de dh’Alba. Tha an cùrsa seo ag amas air sgilean a thoirt do dhaoine a leigeas leotha ainmean dùthaich nan Gàidheal a thuigsinn dhaibh fhèin.

Bidh an cùrsa seo freagarrach dhaibhsan aig a bheil glè bheag de Ghàidhlig, no a tha gun Ghàidhlig idir, ach aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain ann an co-theacsa na h-àrainneachd agus ainmean-àite. Tha e gu sònraichte freagarrach do mhaoir-dhùthcha agus luchd-iùil nam beann ’s a’ bhlàir a-muigh. Cuirear fàilte cuideachd air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre. ’S i a’ Bheurla a bhios mar chànan oideachaidh anns a’ choitcheannas, agus an dà chànan air an cleachdadh air cuairtean a-muigh.

Feumaidh oileanaich a bhith comasach air coiseachd suas ri 5 mìle air ceum (le glè bheag de dhìreadh no teàrnadh).

Bidh leughadh agus tuigsinn mhapaichean OS aig cridhe a’ chùrsa, ach bidh eacarsaichean ann gach latha, agus cuairtean air meanbh-bhus airson coimhead air ainmean-àite anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse. Bidh aig oileanaich rin uidheamachadh fhèin gu ceart, leithid le brògan-coiseachd, aodach dìonach agus lìon-cinn airson nam meanbh-chuileag!

’S e an craoladair, sgrìobhadair is fear-teagaisg Ruairidh MacIlleathain a bhios aig ceann a’ chùrsa. Tha Ruairidh air trì leabhranan a sgrìobhadh mu ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd.

Thathar a’ brosnachadh oileanaich gus na leanas a thoirt leotha:

  • Mapaichean OS (Landranger/Explorer) de na sgìrean as fheàrr leotha air a’ Ghàidhealtachd.
  • Faclair Gàidhlig gu Beurla. ’S e ‘Dwelly’ am fear as fheàrr.
  • Coimpiutar laptop le comas a dhol air an eadar-lìon.
  • Peann is pàipear.
  • ’S dòcha gum bi cuid ag iarraidh inneal-clàraidh a thoirt leotha airson clàran-claisneachd a dhèanamh de dh’ainmean-àite a bhios taiceil dhaibh nuair a thèid iad dhachaigh.
  • Aodach airson a’ bhlàir a-muigh.

Tha dùil gum bithear ag obair a-staigh sa mhadainn, agus a’ falbh a-mach gach feasgar (a rèir na h-aimsir). Bidh an cùrsa a’ tighinn gu ceann aig àm lòin Dihaoine.

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578