Skip to content

Latha ùrachaidh do Dh’eadar-mheadhanaich aig ìre ìosal ann an Asainte

BHO: 01 Ògmhios 2013
GU: 01 Ògmhios 2013
COSGAIS: £20.00
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Latha ùrachaidh do Dh’ eadar-mheadhanaich aig ìre ìosal ann an Asainte

A bheil ùidh agad ann an Gàidhlig?

A bheil thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn Sabhal Mòr Ostaig agus na Cursaichean Goirid?

Bidh Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ tabhainn Latha Gàidhlig ann an Asainte air an 11 den Chèitean.

Aig toiseach an latha, gheibh thu fiosrachadh mu dheidhinn na colaiste, na cùrsaichean goirid agus na planaichean againn airson an àm ri teachd.

Airson còrr den latha, bidh Blasad den Ghàidhlig ann airson daoine aig nach eil Gàidhlig is Latha Ùrachaidh ann airson daoine aig a bheil beagan Gàidhlig mar tha.

 

Cuine: Disathairne 01.06.13

Uair: 10.00 – 16.00

Càite: Ionad-Spòrs Asainte, Loch an Inbhir

 

Ma tha ceistean sam bith agad, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d cg.smo@uhi.ac.uk

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578