Gàidhlig air a’ Bhlàr-a-Muigh
BHO: 03 Cèitean 2019GU: 06 Cèitean 2019
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
![]() |
![]() |
![]() |
![]() |
Anns a’ chùrsa bogaidh fad 3 latha seo, bithear a’ dol air cuairtean coiseachd anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse agus a’ bruidhinn Gàidhlig fad an latha. Tha àrainneachd shònraichte aig an sgìre seo a bheir iomadh cothrom dhuinn dol air cuairtean, agus bithear a dol suas co-dhiù aon bheinn.
’S e prìomh amas a’ chùrsa seo a bhith a’ faighinn cothrom bruidhinn sa Ghàidhlig fhad ’s a thathar a’ faicinn àiteachan ùra agus a’ gabhail tlachd anns an àrainneachd. Bidh cothroman ann ionnsachadh beagan mu dheidhinn lusan, creagan, geòlas agus eachdraidh nan àiteachan. Dh’fhaodadh àiteachan mar an Cuithrang, Beinn Tianabhaig, Suisnis is Boraraig, an Stòrr, na Beanntan Dearga, Rubha Shlèite agus Leitir Fura a bhith am measg nan cuairtean, a rèir na h-aimsire.
Bidh an cùrsa seo freagarrach do dhaoine a tha measail air coiseachd ann an Alba, a tha air a bhith air beinn roimhe, agus aig e bheil ìre còmhraidh de Ghàidhlig. Bidh measgachadh de làithean nas fhaide is nas giorra ann gus cothrom a thoirt do na casan ath-nuadhachadh. Bidh làithean coiseachd nas giorra air an lìonadh le taisbeanaidhean is bùithtean-obrach air cuspairean ceangailte ri àrainneachd no dualchas nam beann. Chan eil beàrnan ann ach airson 6nar air a’ chùrsa seo agus feumar a bhith 18 bliadhna a dh’aois no nas sine.
Tha an uidheamachd seo riatanach airson a’ chùrsa:
- Bòtannan coiseachd[1]
- seacaid dhìonach
- seacaid aotrom bhlàth, me. fleece no clòimhteach
- briogais coiseachd[2]
- briogais dhìonach
- poca droma
- aodach blàth fillte a’ gabhail a-steach geansaidh fleece
- ad bhlàth
- miotagan
- stuth an aghaidh nam meanbh-chuileag
- dìon grèine
- botal airson uisge
- stocainnean coiseachd
Tha sinn a’ moladh na h-uidheamachd seo a thoirt leibh cuideachd:
- mapa OS Landranger 23, 32, 33 & cèis mapa
- combaist
- camara
- bataichean coiseachd
- biùgan
Comasan
- comasach 3 cuairtean coiseachd a dhèanamh eadar 3 is 6 uairean a thìde
- cofhurtail coiseachd air talamh àrd le ìre de thalamh gharbh mar a gheibhear sna beanntan
- Gàidhlig aig ìre a’ chùrsa Adhartais, Gàidhlig Ìre 6 nan Cùrsaichean Goirid no nas àirde
- deònach Gàidhlig a bhruidhinn fad na h-ùine
Tha na beachdan gu h-ìosal na eisimpleir air cruth a’ chùrsa agus bidh na cuairtean uile a rèir na sìde agus mar sin, gur dòcha gun atharraich cùisean beagan. Thèid fios nas oifigeil a sgaoileadh nas fhaisge air an àm. Mar phàirt dhen chìs a’ chùrsa, gheibhear lòn agus dìnnear sa Cholaiste, ach chan eil àite-fuirich na lùib.
Dreach Plana (a rèir na sìde):
Dihaoine 3 Cèitean
Às dèidh dìnnear, bidh cothrom ann eòlas a chur air na daoine a bhios air an cùrsa le fìon is càise.
Disathairne 4 Cèitean:
9:30 Fàgail na Colaiste airson cuairt (4-5 uairean, ìre mheadhanach) a rèir na sìde!
An uair sin dìnnear agus tachartas air an oidhche le bàr fosgailte.
Didòmhnaich 5 Cèitean
9:30 Fàgail airson cuairt a mhaireas 3-4 uairean a thìde.
Feasgar, bidh bùth-obrach ann agus an uair sin oidhche dheth gus beagan fois fhaighinn!
Diluain 6 Cèitean
9:30 Cuairt a mhaireas 5-6 uairean a thìde. Dìnnear agus tachartas air an oidhche.
Dimàirt 7 Cèitean
Faodar a’ fàgail às dèidh bracaist.
Air neo
Cothrom kayakaidh le South Skye Sea Kayak . ‘S e cothrom air leth a bhios seo gus na sgilean caidheagaidh agad a’ leasachadh. Ma tha uidh agaibh ann an seo cur fios gu South Skye Sea Kayak air southskyeseakayak@btinternet.com
[1] bòtannan beinne, me. leathar, a bheir taic don adhbrann agus a tha dìonach, me. goretex
[2] briogais a thiormaicheas gu luath; chan eil jeans freagarrach.