Skip to content

Gàidhlig air Cruth na Tìre – Air-loidhne: 10 an Lùnastal 2022

BHO: 10 Lùnastal 2022
GU: 10 Lùnastal 2022
COSGAIS: £45
COSGAIS (OILEANAICH): £45
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig air Cruth na Tìre – Air-loidhne

Ruithidh an cùrsa seo ann an dà sheisean:

Seisean 1: 10.00m – 12.00f
Seisean 2: 
13.30f – 15.30f

Chithear ainmean-àite Gàidhlig air feadh an àite ann an Alba, agus gu sònraichte anns na beanntan. An robh thu riamh mì-chinnteach mu mar a chanas tu ‘Liathach’ no ‘Spidean a’ Choire Sheasgaich’ gu ceart? A bheil ùidh agad anns an diofar eadar sgùrr, cnoc agus meall? Am bu toil leat ciall ainmean bheanntan, bhealach, alltan is sgeirean a thuigsinn gus tuigse fhaighinn air an cuid fheartan no eachdraidh?

Tha an cùrsa air-loidhne seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid bealach, allt is eilean, agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh. Rè an dà sheisean de dhà uair a thìde,  gheibh thu greim air riaghailtean fuaimneachaidh na Gàidhlig agus ciall nan cumaidhean as cumanta air cruth na tìre. Bidh thu an uair sin comasach na sgilean seo a chleachdadh air grunn ainmean a chì thu nuair a bhios sibh a-muigh.

Chan fheumar eòlas Gàidhlig sam bith airson seo.

Bidh an cùrsa ga lìbhrigeadh tro Zoom agus a’ gabhail a-steach grunn ghnìomhan practaigeach gus ur cuideachadh faclan ùra ionnsachadh ann an dòigh spòrsail is aotrom. Gheibhear faidhlichean fuaim agus stuthan ionnsachaidh anns a’ chùrsa.

Mu Janni

‘S i Janni NicUilleim (née Diez) oide a’ chùrsa seo.   Tha Janni gu mòr an sàs ann an spòrs air a’ bhlàr a-muigh leithid coiseachd sna beanntan, sreap agus kayakadh air a’ mhuir, agus tha eòlas domhainn aice air eachdraidh is ainmean-àite na h-Alba a bharrachd air cur-seachadan a-muigh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578