Gàidhlig do Ghearmailtich – luchd-tòiseachaidh, air loidhne
BHO: 27 Iuchar 2021GU: 29 Iuchar 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Fàilte dhan Ghàidhlig! – – Gälisch für Anfänger
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00 (uair ann an Alba). Cha bhi ach ochdnar sa chlas.
‘S e cùrsa dha fìor luchd-tòiseachaidh a tha ann agus bidh sinn ag ionnsachadh mar a chanas sinn na rudan as cudthromaiche anns a’ Ghàidhlig:
– Cò mise agus cò thusa, agus ciamar a tha thu?
– Cò às a tha thu, càit a bheil sinn, agus dè nì sinn an seo?
– Ciamar a gheibh mi rud-eigin ri ithe is ri òl agus càit a bheil mo leabaidh airson a-nochd?
Agus bidh sinn ag ionnsachadh ciamar a tha an cànan ag obrachadh: le beagan gràmair far a bheil e iomchaidh, fiosrachadh mu chultar na Gàidhlig, agus tòrr spòrs fad na h-ùine!
Bidh sinn a’ cleachdadh an Lehrbuch der Schottisch-Gälischen Sprache le Mìcheal Klevenhaus anns a’ chùrsa.