Gaidhlig Ìre 1

BHO: March 30, 2020
GU: April 3, 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo lan a-nis.  Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.**

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh sa Ghàidhlig.  San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air àireamhan ann an structaran eadar-dhealaichte, mar a bhiodh tu a’ bruidhinn ri daoine, a’ faighinn a-mach cò às a tha iad, mar a bhiodh tu ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan agus a’ bruidhinn air sealbh.  Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, gheibhear cothroman air sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom air dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 1 (1-3)
SCQF 4 SQA Ìre Choitcheann: Bunaiteach