Skip to content

Gàidhlig Ìre 1 air Loidhne san Oidhche

BHO: 12 Faoilleach 2021
GU: 16 Màrt 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Bidh an cùrsa seo freagarrach do fìor luchd-tòiseachaidh sa’ Ghàidhlig.  San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air àireamhan ann an structairean eadar-dhealaichte, mar a tha thu a’ bruidhinn ri daoine, a’ faighinn a-mach cò às a tha iad, mar a tha ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan agus ag innse mu sealbh.  Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air deich seachdainean, gach oidhche Mhàirt eadar 7f agus 8.15f, air Zoom.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
 

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 1 (1-3)
SCQF 4 SQA Ìre Choitcheann: Bunaiteach

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578