Skip to content

Gàidhlig Ìre 10 Air Loiidhne

BHO: 17 Lùnastal 2020
GU: 19 Lùnastal 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Tha an cùrsa ùr seo do dhaoine adhartach sa Ghàidhlig a tha air crìoch a chur air ìrean 1-9 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air no Cùrsa Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh. Tha an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson na sgilean cànain aca a leasachadh. Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach Òrain Ghàidhlig, Bàrdachd is Litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh.  Thèid oileanaich a phiobrachadh gus sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
SCQF 8/9
Cùrsa Gàidhlig ann am Flòdaigearraidh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578