Gàidhlig Ìre 3
BHO: 14 Lùnastal 2017GU: 18 Lùnastal 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse dhen chànan aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas còmhradh bunaiteach a chumail le bhith a’ cleachdadh structairean sìmplidh cuideachd. San ìre seo, gheibhear eòlas air an tràth teachdail dhen gnìomhair ‘bith’, structairean ùra a leithid gnàthasach, àithneach, tuairisgeulach, agus ceangalach. Bidh cothrom ann leudachadh air an eòlas a th’ agaibh air na tràthan is ro-riochdairean. Mar phàirt dhen chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (7-8)
SCQF 4-5 SQA Ìre Choitcheann: Àbhaisteach-Creideis