Skip to content

Gàidhlig Ìre 4

BHO: April 6, 2020
GU: April 10, 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse air a’ chànan aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas air còmhradh nas mionaidiche a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran bunaiteach cuideachd.  San ìre seo, thèid leudachadh air an eòlas air an tràth theachdail den ghnìomhair ‘bi’ agus na structaran ùra a chaidh ainmeachadh ann an Gàidhlig Ìre 3.  Gheibhear beagan ionnsachadh air structaran ginideach, an tràth caithte den ghnìomhair ‘bi’ agus structaran a tha a’ mìneachadh coimeas. Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (8-9)
SCQF 5 SQA Ìre Choitcheann: Creideis

/*
*/