Gaidhlig Ìre 4 air an Làraich 19 an t-Iuchar 2021
BHO: 19 Iuchar 2021GU: 23 Iuchar 2021
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gaidhlig Ìre 4 – air an Làraich
**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse air a’ chànain aig ìre eadar-mheadhanach ìosal is comas còmhradh nas mionaidiche a chumail le bhith a’ cleachdadh structairean bunaiteach cuideachd. San ìre seo, thèid leudachadh air an eòlas air an tràth teachdail den ghnìomhair ‘bith’ agus na structairean ùra a chaidh ainmeachadh ann an Gàidhlig Ìre 3. Gheibhear beagan ionnsachadh air structairean ginideach, an tràth caithte den ghnìomhair ‘bith’ agus structairean a tha a’ mìneachadh choimeas. Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2 (8-9)
SCQF 5 SQA Ìre Choitcheann: Creideis