Skip to content

Gàidhlig ìre 7

BHO: 10 Lùnastal 2020
GU: 14 Lùnastal 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

‘S ann do luchd-adhartach aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.

Tha an ìre seo ag amas air:

  • eòlas a chur air an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
  • eòlas a chur air structair leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
  • eòlas a chur air a roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structairean ‘nam/nad’ a chruthachadh.
  • leasachadh eòlas air briathrachas ùr  a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 1) A’ chiad bliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7 SAQ: Gàidhlig àrd-ìre (fileantaich) & Gàidhlig sàr àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578