Gàidhlig Ìre 7
BHO: 21 Iuchar 2014GU: 25 Iuchar 2014
COSGAIS: £200
COSGAIS (OILEANAICH): £140
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
‘S ann do dh’ adhartaich sa chànan aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.
Tha an ìre seo ag amas air:
- Eòlas a chur air an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
- Eòlas a chur air structair leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
- Eòlas a chur air a roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structairean ‘nam/nad’ a chruthachadh.
- Leasachadh eòlas air briathrachas ùr a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 1) A’ chiad bliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7 SAQ: Gàidhlig àrd-ìre (fileantaich) & Gàidhlig sàr àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)