Gàidhlig Ìre 7 Air Loidhne 5 den Ghiblean 2022
BHO: 05 Giblean 2022GU: 07 Giblean 2022
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gàidhlig Ìre 7 – air Loidhne
‘S ann do luchd-adhartach aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.
Tha an ìre seo ag amas air:
- eòlas a chur air an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach;
- eòlas a chur air structair leis a’ chruth neo-fhinideach cuide ri cuspairean dìreach;
- eòlas a chur air a roimhear ‘ann’ le buadhairean sealbhach gus structairean ‘nam/nad’ a chruthachadh.
- leasachadh eòlas air briathrachas ùr a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 1) A’ chiad bliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7 SAQ: Gàidhlig àrd-ìre (fileantaich) & Gàidhlig sàr àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)