Gàidhlig Ìre 8
BHO: 17 Lùnastal 2020GU: 21 Lùnastal 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**
‘S ann do luchd-adhartach sa chànain aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an cùrsa seo.
Tha an ìre seo ag amas air:
- leasachadh comas nan oileanach gus an tràth teachdail de ghnìomhairean neo-riaghailteach a’ chleachdadh;
- leasachadh comas nan oileanach gus riochdairean pearsanta ann an cruth neo-fhinideach a’ chleachdadh;
- leasachadh comas nan oileanach gus structairean ‘nam/nad’ a’ chleachdadh ann an suidheachaidhean co-cheangailte ri dreuchdan;
- briathrachas ùr a’ chleachdadh a chuireas ris na structairean air a bheil eòlas aig an oileanach mar tha.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Adhartais (Modal 2) A’ chiad bhliadhna de Chùrsaichean Ceuma SMO
SCQF 7