Skip to content

Guitar le Innes Watson, air an àrainn

BHO: 16 Lùnastal 2021
GU: 20 Lùnastal 2021
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

A’ cumail taic ri fìdhlean is a’ cumail a h-uile rud inntinneach

’S ann do chluicheadairean giotàir a tha a’ bhùth-obrach seo ach tha i fosgailte do dh’fhìdhlearan cuideachd oir thèid na puirt a theagasg cho math ris a’ cheòl-taic!

Tha an cùrsa fosgailte do chluicheadairean eadar-mheadhanach le beagan bhliadhnaichean de dh’eòlas – ma tha trì còrdan agad agus plectrum seo an dearbh chùrsa dhut – thèid againn uile air rudeigin ionnsachadh agus Innes aig an stiùir!

‘S ann à Glaschu a tha an neach-ciùil cliùiteach, Innes Watson, aig a bheil còrr is còig bliadhna deug de dh’eòlas air ceòl nuadh is traidiseanta na h-Alba, clàradh is riochdachadh. Thogadh e anns na Crìochan agus ceòl mu thimcheall air is chaidh a chuid sgilean, chomasan is ùidhean a neartachadh is e a-nis air neach-ciùil cho cliùiteach is a th’ ann an Alba san latha an-diugh.

Bha e a’ teagasg aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba (an dèidh dha ceumnachadh bhon Chonservatoire le ceum BA ann an Ceòl Albannach an 2006) agus tha fèill mhòr air aig buidhnean inbheach is òigridh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, na h-Èireann is gu h-eadar-nàiseanta. The air nochdadh air co-dhiù 42 clàran ann an Alba sna 15 bliadhna a dh’fhalbh agus tha e air obrachadh cuide ri cuid den luchd-chiùil as cliùitiche an Alba. Choisinn e an tiotal ‘Neach-ciùil na Bliadhna’ an 2011 aig Duaisean Trad MG Alba.

“There are a certain breed of people that stand alone and apart in the creative world, they have the tag – ’the musician’s musician’ – Innes Watson to my mind falls full square into this category.

As well as being outstanding at his craft, one of the finest guitar players of his generation and an incredibly fine fiddle player and singer, Innes for me is a musician’s musician because he has a free spirit and an absolute honesty within his compositions and his music. Nothing is contrived, it is all from inside the heart.” – Duncan Chisholm

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578