Latha ùrachaidh do Luchd-eadar-mheadhanach – Glaschu
BHO: 12 Dàmhair 2013GU: 12 Dàmhair 2013
COSGAIS: £20.00
COSGAIS (OILEANAICH): £10.00
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Bidh an latha ùrachaidh seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil tuigse air a’ chànan aig ìre eadar-mheadhanach is comas air còmhradh bunaiteach a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh cuideachd. ’S e ùrachadh a th’ ann airson daoine a tha air na Cùrsaichean Goirid Gàidhlig 3 no 4 a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig no cùrsaichean eile aig an ìre seo aig a’ cholaiste, m.e. seachdain nan teaghlaichean no cùrsaichean air astar.
Chan eil ach corra àite ri fhaighinn, is mar sin, dèanaibh cinnteach gun glèidh sibh àite.
Bidh seo a’ gabhail àite aig:
An Lèanag
Partaig
Glaschu
10m – 16f