Skip to content

Blasad Ainmean Àite na Gàidhlig (11.00 – 13.00)

BHO: 21 Gearran 2014
GU: 21 Gearran 2014
COSGAIS: £10
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Mar phàirt den Fhèis seo sa Ghearasdan, bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ cur air dòigh dà chlas ainmean àite Gàidhlig tron latha Dihaoine.  Bidh Cailean MacGilleathain a’ stiùireadh nan clasaichean seo a bhios fosgailte do dhuine sam bith.  Thogadh Cailean ann an Uibhist, ach tha ceanglaichean làidir aige ri Eilean Ratharsair agus tha e air a bhith stèidhicheadh air an Eilean Sgitheanaich airson iomadach bhliadhna a-nis.  Tha clìù aige mar craoladair agus dealbhadair ach tha eòlas farsaing aige air cruinn-eòlas, eachdraidh is cùltar na Gàidhealtachd cuideachd.

Se cothrom fìor mhath a th’ ann an seo a bhith a’ tachairt is ag èisteachd ri cuideigin aig a bheil tuigse sònraichte air gleanntann is beanntan na h-Alba.  Bidh na clasaichean seo a’ ruith ann an Seòmar 5, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE, An Gearastan.  Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo.

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578