Skip to content

Òrain Ghàidhlig agus Eachdraidh Mhurchaidh MhicPhàrlain

BHO: 27 Iuchar 2021
GU: 29 Iuchar 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ionnsaich òrain Mhurchaidh Mac Phàrlain agus eachdraidh Bàrd Mhealboist air cùrsa goirid air Zoom tro mheadhan na Gàidhlig le Mairead Nic Leòid.

Lìbhrigear an cùrsa seo tro mheadhan na Gàidhlig thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig  10.00-11.00 / 11.30 – 12.30 / 13.30 – 14.30.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Thachair Mairead ri Murchadh nuair a bha e 70 bliadhna dh’aois agus cha robh ise ach 23! Chuala i na h-òrain aige air teip, sgrìobh i thuige airson cead beagan atharrachaidh a dhèanamh orra agus am freagairt  a fhuair i air ais bhuaithe ; ‘S mise am fear a tha a’toirt a’chlach amach às a’ chuaraidh, thusa an snaigheadar—- agus an uairsin thòisich càirdeas dlùth eatarra.

An rud a ghlac aire Mhairead, chan e a mhàin gun do sgrìobh e bàrdachd ach ‘s e esan a rinn na fuinn airson na h-òrain cuideachd. Bha i fhèin agus am bard a‘ chreidsinn gur e rud mìorbhaileach a bh’ ann an ceòl, gu h-àraidh ann an Gàidhlig. Bha iad air an aon ràmh.

Ghlèidh Mairead na litrichean agus na beachdan a sgrìobh e, agus tha iad nan tasg-lann aice an diugh.  Gheibh sibh geur-bheachd de bheachdan Bàrd Mhealboist agus na h-òrain aige agus na fuinn àlainn a chruthaich e.

‘S e Murchadh a bhiodh air a dhòigh gum bi ginealach ùr ag ionnsachadh na h-òrain aige ann an 2021 a cumail a’ chanan a bha cho prìseil dha beò.

Mu Mhairead:-

Tha Mairead air a bhith drùidhte ann an Gàidhlig bho bha i na nighean òg. Thòisich i a seinn aig aois aon bliadhn’deug agus siomadh duais a bhuannaich i aig Mòdan agus ann an 1970 choisinn i Bonn-Òir a’ Chomunn Ghàidhealaich. Rinn i cliù dhi-fhèin a’ seinn, gu h-àraidh ann an Gàidhlig, air radio agus telebhisean, a’ clàradh agus a’ siubhal air feadh an t-saoghail bho na h- Eileanan Fàro, Na Stàitean Aonaichte agus Canada, An Roinn-Eòrpa, An Ear-mheadhanach gu Astràilia agus Sealainn Nuadh. Ann an 1971 nochd a’ bhuidhean Na h-Oganaich le a bràthair, Donnie agus Noel Eadie, a’ toirt cultar agus cànan nan Gàidheal fa chomhair luchd-èisteachd.

Aig an àm sin bha caraid aca miannach air saoghal na Gàidhlig atharrachadh cuideachd, agus thug Mairead taic dha le a bhith dèanamh consairtean, cèilidhean agus fèisean airson airgid a chruinneachadh airson colaiste ann an Gàidhlig a stèidheadh. B’ e sin Sabhal Mòr Ostaig agus a caraid, Sir Iain Noble. Abair gur e colaiste shònraichte a th’ innte an diugh !

O chionn grunn bhliadhnachan tha Mairead air a bhith na oide a’ toirt misneachd agus a’ brosnachdadh cuid aig a bheil ùidh anns a’ chànan. Ann an 2018 fhuair i urram Ceumnachd bho Sabhal Mòr Ostaig, a’ comharrachadh iomadh bliadhna ionmhalta as leth na Gàidhlig.

Tha i air a doigh gum bi cothrom aice cùrsaichean a dhèanamh air loidhne am bliadhna .

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578